Còmhdhail nan eilean ga deasbad ann an Dùn Èideann

Itealain is aiseagan
Image caption Bidh Fòram Còmhdhail nan Eilean a' bruidhinn air seirbheisean aiseig agus seirbheisean adhair anns na h-Eileanan.

Thèid draghan mu sheirbheisean aiseig agus adhair nan Eilean Siar a thogail Diardaoin aig coinneimh leis an Riaghaltas ann an Dùn Èideann.

Tha dùil gum bi Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, an làthair airson Fòram Còmhdhail nan Eilean.

Agus tha iarrtas cuideachd air nochdadh gun deadh òrdugh PSO a chur air seirbheisean adhair eadar Beinn nam Fadhla agus Glaschu.

Nochd sin bho fhear a tha tric a' cleachdadh na seirbheis, Ronnie MacCoinnich, a tha ag ràdh nach eil atharrachaidhean sa chlàr-ama a' freagairt air-san no air mòran eile.

Thuirt Loganair gu bheil am plèana a' fàgail nas tràithe sa mhadainn sa Gheamhradh am-bliadhna na bha an-uiridh, seach gun robh mì-thoileachas ann mun t-seirbheis an-uiridh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil na seirbheisean aca stèidhichte air iarrtas, agus, ma tha feum air barrachd sheirbheisean, gun cuir iad air dòigh iad.