"Laigsean mòra" ann an sgrùdadh nan iolairean-buidhe

Iolaire-bhuaidhe Image copyright Getty Images
Image caption Tha iolairean-buidhe na h-Alba air a bhith a' dol air chall fad greis a-nis a rèir an sgrùdaidh le SNH.

Tha sgrùdadh farsainn air mar a chaidh iolairean-buidhe le tagaichean-saideil air chall làn "laigsean mòra" a rèir neach-lagha.

Cho-dhùin aithisg foirmeil, a stèidhich Dualchas Nàdar na h-Alba, gun deach aon a-mach à trì iolairean-buaidh, air an robh iad a' cumail sùil, air chall ann an suidheachaidhean amharasach is dùil ann gun deach mòran a mharbhadh.

Ach, tha a' chomhairle laghail a dh'iarr Comann Gheamairean na h-Alba bhon QC Ronnie Clancy ag ràdh gu bheil fianais ann gun robh pàirtean den aithisg "taobhachd gun fhiosta".

Tha Des MacThòmais, a bha os cionn an aithisg, a' cur a làn thaic rithe.

Thuirt e, "Tha sreath fada de rannsachadh saidheansail a' sealltainn gu bheil ceangal ann eadar iolairean-buidhe a' dol air chall agus an talamh anns am bi iad a' sealg chearcan-fraoich."

"Tha an aithisg seo stèidhichte air còrr is 500,000 clàraidhean-dàta a sheallas an ceangal sin eadar cuid de dh'àitichean seilge agus bàs nan iolairean-buidhe."

Mì-laghail

Anns a' Mhàrt am-bliadhna, thuirt Comann Rìoghail Dìon nan Eun air a' Ghàidhealtachd gun robh dùsan iolaire-bhuidhe air a dhol air chall air a' Mhonaidh Liath thar nan seachd bliadhna mu dheireadh.

Tha iad a' creidsinn gun deach am marbhadh gu mì-laghail air talamh a bha gu mòr "air a chleachdadh is air a stiùireadh airson sealg nan cearcan-fraoich."

Tha Comann Gheamairean na h-Alba a' dol às aidhcheadh nan casaidean seo.

Ach thuirt iad cuideachd ma 's e is gu bheil ball sam bith den Chomann air iolaire-bhuidhe a mharbhadh gu mì-laghail thèid am peanasachadh a rèir riaghailtean teann na buidhne.

Tha gach buidheann air iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh air eucoirean an aghaidh bheathaichean fiadhaich an t-eòlas sin a thoirt dhan Phoileas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo