Buinn Òir an t-Seann-Nòis

Steaphanaidh Chaimbeul

Chaidh Buinn Òir an t-Seann-Nòis a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain oidhche Ardaoin.

'S iad Steaphanaidh Chaimbeul, à Caol Loch Aillse, agus Ciaran Iòsaph MacAonghais, às a' Ghearasdan, a shoirbhich.

San dàrna àite ann am farpais nam ban bha Màiri NicLeòid, à Càrlabhagh, Leòdhas.

Bha Kerrie NicFhionnlaigh, à Meaghrath, agus Carolyn Groat, às a' Ghearasdan, co-ionnan san treas àite.

Chrìochnaich Amanda Millen, à Glaschu, sa chòigeamh àite.

Cha robh ach dithis fhireannach ann am farpais nam fear.

Fhuair an dithis, Ciaran Iòsaph MacAonghais agus Mìcheal MacAoidh, às na Stàitean Aonaichte, troimhe chun na cuairt deireannaich.

'S e Ciaran a fhuair buaidh, le Mìcheal a' crìochnachadh san dàrna àite.