Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a dhèanamh nas fhasa do luchd-obrach sgileil tighinn a Bhreatainn. Tha a' Chomataidh Chomhairleachaidh airson In-imreachd ag ràdh gum feumar, an dèidh Bhrexit, cur às dhan chasg a th' air luchd-obrach sgileil bho thaobh a-muigh an EU. Chaidh beachd na comataidh fhoillseachadh air an aon là 's a tha rannsachadh a rinn am BBC ag ràdh gur e call an luchd-obrach Eòrpaich an dèidh Bhrexit dragh cho mòr 's a th' air buidhnean agus seirbheisean poblach ann an Alba.

Siria

Dh'aidich an Kremlin gur e feachdan Sirianach a loisg gu làr itealan airm Ruiseannach le 15 duine air bòrd. Thuirt Mosgo gu bheil iad a' cur coire air Israel airson na thachair, leis gun robh itealain chogaidh Israelach an sàs ann an ionnsaigh anns an sgìre sin gun leigeil fhaicinn ro làimh.

Sìona

Thuirt Sìona nach eil roghainn aca ach tuilleadh chìsean malairt a chur air na Stàitean Aonaichte. Leig Washington fhaicinn an-raoir gu bheil iad a' cur sreath chìsean taraif ùra air luach $200bn de stuth Sìonach. 'S tha sin a' ciallachadh gu bheil taraif a-niste air cha mhòr an dàrna leth den stuth a tha Sìona a' cur dha na Stàitean Aonaichte.

Idlib

Tha Ioran agus Siria am measg nan dùthchannan a chuir fàilte air aonta eadar an Tuirc agus an Ruis a tha a' ciallachadh nach tèid ionnsaigh mhòr a thoirt air Idlib, an sgìre mu dheireadh ann an Siria a tha fo smachd Reubaltach. Thèid raon neo-armaichte a stèidheachadh ann an sgìre Idlib, anns a bheil sluagh de 3m duine a' fuireach.

Maoim-slèibhe

Tha a h-uile coltas nach bi fosgailte do thrafaig airson là no dhà fhathast ach aon taobh den phrìomh rathad anns na Hearadh. Chaidh an rathad a dhùnadh an-raoir an dèidh maoime-slèibhe eadar an Tairbeart agus Àird Àsaig. Chaidh aon taobh den rathad fhosgladh a-rithist anns a' mhadainn an-diugh, ach tha e coltach nach fhosgail e gu lèir gus am bi cinnt ann gu bheil e sàbhailte. Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil a h-uile coltas gum bi Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart, a tha dùinte an-diugh, fosgailte a-rithist mar as àbhaist a-màireach.

Coirea

Tha ceannardan Choirea a Tuath agus Choirea a Deas a' coinneachadh agus dòchas ann gun tòisich còmhraidhean a dh'aithghearr gu ruige cur às gu lèir dhan armachd niuclasaich. 'S e an Ceann-Suidhe Moon Jae-In a' chiad cheannard à Coirea a Deas ann an còrr is deich bliadhna a th' air tadhal ann am Pyongyang.