Iomaraiche a' dèanamh deiseil airson fìor dhroch shìde

Bàta Dhonnchaidh Hutchison
Image caption Tha Donnchadh Hutchison a' feuchainn ri iomradh 3,000 mìle tarsainn a' Chuain Shiar.

Tha fear bhon Gàidhealtachd a tha ag iomradh tarsainn a' Chuain Shiar a' deasachadh airson fìor dhroch shìde Oidhche Mhàirt, is Stoirm Ali a' dèanamh air Breatainn.

Tha Donnchadh Hutchison a' dèanamh a shlighe à Aimeireagaidh dhachaigh a Loch an Inbhir.

Ach tha oifis na sìde ag ràdh gu bheil e a' dol a choinneachadh ri suailichean sia meataran a dh'àirde.

Dh'innis e dhan teaghlach aige ann an teachdaireachd gu bheil an t-sìde air fàs dona mu thràth.

Tha còrr air trì mìosan bho dh'fhàg Mgr Hutchison na Stàitean anns a' bhàta a thog e fhèin, Sleipnir.

Chaidh e seachdad air letheach-slighe air a' mhìos a dh'fhalbh

Tha dùil gun adhbhraich Stoirm Ali gaoth làidir agus uisge trom ann an Alba Diciadain.

Tha rabhadh orainds an sàs airson tòrr dhen dùthaich eadar 08:00 agus 17:00 Diciadain - le dùil gu ruig a' ghaoth 80msu.