Frith-rathaidean "a' milleadh" na h-àrainneachd

Frith-rathad Image copyright Scottish Environment Link
Image caption Tha luchd-iomairt a' gearain mu na tha de fhrith-rathaidean air na monaidhean.

Chan eil fhathast dìon iomchaidh air beanntan na h-Alba airson stad a chur air daoine a dhèanadh milleadh orra le frith-rathaidean a thogail airson carbadan fhaighinn a-mach air a' mhonadh.

Tha sin a-rèir aithisg ùir le buidhinn àrainneachd, Ceangal Àrainneachd na h-Alba, a rinn sgrùdadh thairis air trì bliadhna.

Tha iad ag ràdh gu bheil frith-rathaidean fhathast gan cladhadh tro na beanntan gun sgrùdadh ceart ga chumail air an obair, agus gu bheil beàrnan san lagh co-cheangailte a' chùis.

"A-mach à rian"

Ged a chaidh na riaghailtean a theannachadh ann an 2014, tha an aithisg "Changing Tracks" ag ràdh gu bheil àireamhan nam frith-rathaidean "a-mach à rian".

Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil an lagh a' leigeil le oighreachdan seilge sgrùdadh a sheachnadh.

Le Bile Dealbhachaidh ùr a' dol tron phàrlamaid, tha luchd-iomairt ag iarraidh riaghailtean nas cruaidhe.

Oighreachdan seilge

Chuir am Ball Pàrlamaid Uaineach Andy Wightman atharrachadh air adhart a bhiodh a' ciallachadh gum biodh na h-aon riaghailtean ann airson oighreachdan seilge sa th' ann airson fearann eile.

Thuirt a' bhuidheann Fearann agus Oighreachdan na h-Alba ge-tà gu bheil na riaghailtean a th' ann math gu leòr.

Tha iad ag ràdh gu bheil frith-rathaidean anabarrach cudromach dhan eaconomaidh agus do choimhearsnachdan air an tuath.