Maoim-slèibhe air an Tairbeart

Maoim-slèibhe Image copyright Maggie Gillies

Tha aon taobh dhen rathad tron Tairbeart fosgailte a-nis às dèidh mar a bha maoim-slèibhe ann oidhche Luain.

Bidh siostam rianachd trafaig rè-ùine ann is dùil ri uisge trom anns na 24 uairean a thìde a tha romhainn.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum bi seo an sàs gus am bi an t-uisge trom seachad agus gus an tèid measadh a dhèanamh air a' bhruaich.

Thachair a' mhaoim-slèibhe faisg air Taigh-òsta na Hearadh.

Chaidh am poll agus na clachan a thuit air an rathad a ghluasad an-raoir.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun tèid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air sàbhailteachd a' chnuic Diaciadain.

Bidh Sgoil Sir E Scott dùinte do sgoilearan an-diugh, ach tha a' chomhairle an dùil gum bi i fosgailte a-rithist a-màireach.