Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Chuir am Prìomhaire dìon air a plana airson Brexit, 's i ag ràdh gum feum Buill-Phàrlamaid taghadh eadar a plana sin no Brexit gun aonta idir. Ann an agallamh airson a' phrògraim thelebhisein Panorama, a bhios air a' BhBC a-nochd, chàin Theresa May molaidhean airson crìoch na h-Èireann a tha feadhainn a th' airson sgaradh gu tur ris an Aonadh Eòrpach ag iarraidh. Thuirt am Ball-Pàrlamaid Tòraidheach, Bernard Jenkin, a tha ag iarraidh Brexit gur e falbh às an EU gun aonta a b' fheàrr leis-san, seach plana Theresa May a chaidh aontachadh aig Chequers. Thuirt an Seansalair, Philip Hammond, gum feumar èisteachd ri rabhadh bhon IMF, a thuirt an-diugh gum bi Brexit gun aonta fìor dhona do Bhreatainn.

Droch Dhìol

Bha fad bhliadhnaichean de dhroch dhìol an aghaidh chloinne a' dol air adhart aig dachaigh chùraim faisg air Bail' Eilidh, a rèir rannsachaidh a rinn am BBC. Tha na casaidean ag èirigh mu dhachaigh Lag an Ruigh anns an Rubha, a bhuineadh do Chomann nam Maraichean. Dh'iarrr an Comann air feadhainn a dh'fhulaing anns an dachaigh eadar 1948 agus 1982 an leisgeul a ghabhail airson na thachair.

Typhoon Mangkhut

Tha Typhoon Mangkhut a' dèanamh a slighe tro sgìrean Guangdong agus Hainan ann an Sìona, a' toirt uisge fìor throm leatha, agus geile aig còrr is 100 mìle san uair. Chaidh iarraidh air 2,000,000 duine an dachannan fhàgail mus ruig an stoirm iad. Chaill còrr is 50 duine am beatha sna h-Eileanan Filipineach, agus tha na h-ùghdarrasan an sin ag ràdh nach eil mòran dòchais ann do dh'fheadhainn a tha a dhìth an dèidh do thogalaichean tuiteam.

MV Fame

Tha maill air seirbheisean aiseig eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh an-diugh agus bàta le tuathanas èisg, a chaidh a tholladh, fhathast ris a' chidhe air an Tairbeart. Cha bhi an MV Hebrides a' seòladh às an Tairbeart an-diugh, agus 's ann gu ruige Steòrnabhaigh a bhios i a' seòladh às Ùige feasgar. Tha e a' ciallachadh atharrachaidh cuideachd air seirbheisean Loch nam Madadh.

Salisbury

Thuirt poilis ann an Wiltshire nach eil coltas sam bith gur e am puinnsean Novichok a thug buaidh air dithis a dh'fhàs tinn ann an Salisbury an-raoir. Chaidh sràidean anns a' bhaile a dhùnadh an dèidh dhan dithis fàs meadhanach ann an taigh-bìdhe Eadailteach. Ach thuirt poilis nach eil iad amharasach mun chùis.