Fiosrachadh ga shireadh mu fhireannach an Inbhir Theòrsa

Rescue Image copyright Karen Munro/Thurso RNLI
Image caption Sgiobannan teasargainn far an do thuit an duine

Tha na Poilis ann an Gallaibh a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh duine a lorg air a leòn aig bonn nan creagan faisg air Inbhir Theòrsa Là na Sàbaid.

Chaidh lorg fhaighinn air an duine, 33, air a' chladach fo Shlighe Bhictòria, a tha eadar Inbhir Theòrsa agus Sgrabasdal, goirid ro 11:30m.

Chaidh na seirbheisean-èiginn a ghairm agus chaidh an duine a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis ann an heileacoptair nam Maor-Cladaich.

Chaidh an duine a dhroch ghoirteachadh ach thathas a' tuigsinn nach eil e ann an cunnart a bheatha.

Tha na h-oifigearan a tha a' dèanamh sgrùdaidh air na thachair airson 's gun cuir daoine a bha anns an sgìre eadar 08:45m agus 11:15m fios thuca.

Thuirt an Det. Insp. Ridseard Baird gu bheileas a' feuchainn ri dearbhadh ciamar a chaidh an duine a ghoirteachadh.

''Tha mi a' cur ìmpidh air duine sam bith a dh'fhaodadh ar cuideachadh fios a chur thugainn cho luath 's as urrainn.

''Tha sin gu h-àraidh airson bruidhinn ri triùir luchd-baidhsagail a tha sinn a' tuigsinn a bha a' cleachdadh na slighe aig mullach nan creagan bhon phàirce carabhanaichean a tha faisg air làimh."

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis fios a chur air Poileas Alba air 101, air neo air Crimestoppers air 0800 555 111.