Flat an Inbhir Nis na smàl

Tha sgrùdadh ga dhèanamh leis na Poilis ann an Inbhir Nis a tha ag ràdh gun deach flat anns a' bhaile a chur na theine air an deireadh-sheachdain.

'S ann ann an sgìre Rathad an t-Seann Bhaile a thachair e oidhche Shathairne.

Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh ach chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air an togalach.

Thuirt an Det. Con. Dàibhidh Rennie gun robh cùisean air a bhith fada na bu mhiosa mura b' e gun do chuir daoine san sgìre fios air na seirbheisean èiginn.

Thuirt e gu bheil sgrùdadh a' leantainn air na thachair.

Chuir na Poilis ìmpidh air a' phoball fios a chur thuca le fiosrachadh sam bith mun oidhche sin gus an tèid aca air na thachair a dhearbhadh.