Dìon air àrainneachd Ghleann nan Sìthichean

Gleann nan Sìthichean Image copyright MJ Richardson/Geograph

Tha daoine ann an sgìre Bhaile nan Cnoc, faisg air Ùige san Eilean Sgitheanach, air soidhnichean a chur suas sa ghleann aca ag iarraidh air luchd-turais spèis a thoirt dhan àrainneachd.

'S ann mar 'Fairy Glen' a tha an sgìre seo gu math nas ainmeile.

Tha cumadh àraid nan cnoc a' tarraing nam mìltean de luchd-turais gach bliadhna.

Ach, tha connspaid air a bhith ann agus feadhainn a' togail chàrn agus chearcalan cloiche.

Chuir muinntir an àite an là seachad Disathairne a' leagail nan ìomhaighean-cloiche agus a' sgioblachadh an àite 's iad ag ràdh gu bheil iad nan cunnart.

Thuirt iad gu bheil iad cuideachd a' toirt buaidh air an àrainneachd.

Thuirt Seumas Caimbeul, à Bhaile nan Cnoc, nach eil gu leòr ghoireasan ann airson an àireamh dhaoine a tha a' tadhal air an sgìre.

''Tha e diofraichte agus annasach bho àite sam bith anns an eilein.

''Seo agad rud a thòisich bho chionn dhà neo trì bhliadhnaichean. Cha do chleachd iad a bhith a' togail nan càrn beaga a tha seo.

''Tha mi a' smaoinntinn gur e luchd nam busaichean as motha a thòisich e.

''Nuair a thòisicheas aon duine, tha daoine eile gan leantail,'' thuirt e.

Tha cuid air a ràdh tro na meadhanan-sòisealta gu bheil cus èigheach ga dhèanamh mu na clachan agus gum bu chòir am fàgail leis nach eil iad a' dèanamh cron sam bith.

Tha daoine san sgìre an dòchas bileagan fiosrachaidh a chruthachadh a dh'fhaodadh iad a chur anns na bùithdean san sgìre.