Fàilte ga cur air sgrùdadh HiTRANS

Raon-laighe an Aiseig Image copyright Geograph/MJ Richardson

Chuir Ball-Pàrlamaid an Eilein Sgitheanaich, Iain Blackford, fàilte air buil sgrùdaidh a rinn a' bhuidheann còmhdhail HiTrans mu bhith a' stèidheachadh sheirbheisean adhair às ùr eadar an t-eilean agus Glaschu.

Tha HiTRANS a' tomhas gun cosgadh e timcheall air £1.1m, agus £1.3m na seirbheisean a chur air dòigh às ùr, le cosgais bhliadhnail eile ann.

Thuirt iad gu bheileas a' tomhas gun cosgadh e suas ri £1m sa bhliadhna a bhith a' ruith dusan seirbheis san t-seachdain, le itealan twin-otter anns a bheil 19 suidheachan, eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu.

Tha HiTRANS den bheachd gun toireadh e co-dhiù dà bhliadhna na seirbheisean a chur gu dol ma thig gealltanas air an airgead a tha a dhìth.

Thuirt Mgr Blackford, a bha an lùib na h-iomairt FlySkye, gu bheil a thìde ann an t-eilean a cheangal ris a' chòrr den t-saoghal le seirbheisean-adhair.

Thuirt e gum faodadh seo cuideachd togail a thoirt do ghnìomhachas turasachd an eilein tro mhìosan a' Gheamhraidh.

Tha iomairt air a bhith ann airson seirbheis adhair a thòiseachadh as ùr, ach tha cuideachd feadhainn san eilean air beachd a nochdadh air a' chaochladh - agus iad ag iarraidh gum biodh an t-airgead air a chosg air gnothaichean eile, seach air port-adhair.