Fear-baidhseagal air bàsachadh

A86 near Glenspean Lodge Hotel, Roybridge Image copyright Google

Chaochail fear-baidhseagal air a' Ghàidhealtachd air an deireadh sheachdain.

Chuireadh fios air na seirbheisean èiginn feasgar Disathairne chun an A86, faisg air an Drochaid Ruaidh eadar Drochaid an Aonachain agus Baile Ùr an t-Slèibhe mu 12:45f.

Ged a thugadh an duine, 54, gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan, bha e air caochladh.

Bha an rathad dùinte grunn uairean a thìde airson rannsachadh mu na thachair.