Am Fame briste aig cidhe an Tairbeirt

MV Fame Image copyright Am Fame, An Dùbhlachd 2017

Tha seirbheisean aiseig na Hearadh agus Uibhist a Tuath troimh chèile às dèidh tubaist a bh' aig bàta-bathair faisg air an Tairbeart.

Chaidh am Fame, a bha ag obair aig tuathanas-èisg, air a' ghrunnd anns an Loch an Ear, faisg air an Tairbeart, Là na Sàbaid.

Thachair an tubaist goirid às dèidh 06:15.

Chaidh cron a dhèanamh air an eathar agus thòisich uisge a' dòrtadh a-staigh.

Chaidh cobhair a dhèanamh air le Seirbheis Smàlaidh agus Cobhair na h-Alba, Sgiobannan Maor-Chladaich, bàta-teasairginn Steòrnabhaigh agus le eathar eile bho thuathanas-eisg.

Tron obair-chàraidh chaidh aca air cuidhteas fhaighinn dhan uisge a bh' air bòrd tro phumpaichean an eathar.

Cha deach duine den chriutha a ghoirteachadh agus cha deach truailleadh sam bith a dhèanamh.

Tha am Fame a-nis ceangailte aig cidhe an Tairbeirt.

Tha daibhearan air a bhith a' dèanamh sgrùdaidh air a' bhàta fon uisge faic an gabh am Fame a ghluasad bho far a bheil i.

Seach nach urrainn dhan bhàta-aiseig aig Caledonian Mac a' Bhruthainn, an MV Hebrides, an cidhe a chleachdadh, chaidh luchd-siubhal an aiseig a chur a Steòrnabhagh Là na Sàbaid, agus an-diugh, agus bidh atharrachaidhean eile anns an t-seirbheis tron là.