Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Florence

Tha pàirtean de dh'aon bhaile ann an Carolina a Tuath, New Bern, fo 10 troighean de dh'uisge agus Hurricane Florence a' tighinn nas fhaisge air costa an ear nan Stàitean Aonaichte. Tha còrr 's 200,000 dachaidh gun dealain a-niste eadar Carolina a Tuath agus Carolina a Deas. Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh gum bi tuiltean fìor chunnartach ann nuair a thig an stoirm air tìr an-diugh fhathast.

Typhoon

Thuirt na h-ùghdarrasan anns na Philippines gu bheil còrr 's còig millean duine ann an cunnart le typhoon fìor mhòr a tha a' dèanamh air an dùthaich. Tha Typhoon Mangkhut a' sìor fhàs nas fhaisge air ceann a tuath Eilean Luzon agus chaidh iarraidh air na mìlltean dhaoine an dachannan fhàgail.

RBS

Chaidh àrd-oifigeach Bhanca Rìoghail na h-Alba às àicheadh gun tug e a' char à comataidh anns a' phàrlamaid mu rannsachadh poilis air cuid de na bha ag obair aig a' bhanca. Chaidh fàgail air Ross McEwan gun do chleith e fiosrachadh air Comataidh Thaghte an Ionmhais nuair a thuirt e nach b' aithne dhasan dad mu eucoir am measg luchd-obrach a' bhanca. Tha am pàipear-naidheachd, an Times, air a bhith ag aithris bhon uairsin gu bheil Poileas Alba air a bhith a' rannachadh chasaidean an aghaidh aon duine dhen luchd-obrach aig a' bhuidhinn GRG taobh an-staigh RBS.

Turasachd

Tha fear a thug ùine an sàs ann an leasachadh turasachd anns na h-Eileanan an Iar ag ràdh gur e a' toirt air luchd-turais an cuid airgid a chosg gu math nas glice na bhith a' cur cìs orra. Bha Comataidh na Turasachd ann am Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail fianais an-dè air cis thurasachd agus ged a thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach tàinig iadsan gu co-dhùnadh air a' cheist fhathast, tha dragh air Ailean MacCoinnich, a bha na mhanaidsear air Visitscotland anns na h-Eileanan an Iar, gum faodadh cìs luchd-turais an cumail air falbh.

Cobhair

Chaidh comhair a dhèanamh air dithis a bha fad na h-oidhche air chall sa Mhonadh Ruadh. Chuir an dithis fios air cuideachadh an dèidh dhaibh an slighe a chall ann an ceò air a' Bhràigh Riabhach. Thuirt Poileas Alba gu bheil an dithis slàn sàbhailte.