Taic do Bhuidheann Òigridh Inbhir Theòrsa

Inbhir Theòrsa

Cumaidh Buidheann Òigridh Inbhir Theòrsa a' dol airson bliadhna eile an dèidh dhaibh taic-airgid a bharrachd fhaighinn.

Chaidh a' bhuidheann a chur air chois o chionn 50 bliadhna, ach bha cion airgid na thrioblaid dhaibh agus iad ann an cunnart a dhol à bith.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd air sguir a' toirt taic-airgid dhaibh.

Chaidh ainmeachadh ge-tà gum faigh iad £6,295 bhon Chrannchur Nàiseanta gus a cumail a dol.

Thig cuideachd leudachadh air na tachartasan agus na cur-seachadan a bhios rim faotainn do dhaoine òga anns a' bhaile.

Thuirt Anndra Hourston bhon a' bhuidhinn gu bheil an ginealach òg an eisimeil na buidhne leis nach eil mòran ghoireasan ann dhaibh anns a' chearnaidh seo den Ghàidhealtachd.

Thug Mgr Hourston taing dhan Chrannchur Nàiseanta airson na suim airgid a fhuair iad bhuapa agus e ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air.