Dithis luchd-coiseachd air an lorg

Am Bràigh Riabhach Image copyright Geograph/Paul Taylor

Chaidh lorg fhaighinn air dithis luchd-coiseachd a bha a dhìth sa Mhonadh Ruadh tron oidhche.

Chuireadh fios air na seirbheisean-èiginn mu 6.15f Diardaoin agus an dithis air chall air a' Bhràigh Riabhach.

Bha sgioba-teasargainn a' Mhonaidh Ruaidh a-muigh gan sireadh tron oidhche le taic heileacoptair nam maor-cladaich, is droch shìde a' cur bacadh orra.

Chaidh an lorg madainn Dihaoine ach chan eil fiosrachadh ann fhathast mun slàinte.

Fhad 's a bha an iomairt a' dol oidhche Ardaoin chaidh dithis eile a bha a' fulang leis an fhuachd a lorg.

Chaidh cobhair a dhèanamh orra agus iad air an ragadh leis an fhuachd.