Cosg seach cìs do luchd-turais

Tursachan Chalanais Image copyright Getty Images
Image caption Thuirt Ailean MacCoinnich, a bha fad ùine mhòr an sàs ann an turasachd anns na h-eileanan, gum biodh e na b' fhearr tuilleadh chothroman thoirt do dhaoine an cuid airgid a chosg gu saor thoileach, seach cais a chur orra le cìs.

Tha fear a bha an sàs ann an leasachadh turasachd anns na h-Eileanan an Iar ag ràdh gum biodh e na b' fhearr dòighean a lorg gus toirt air luchd-turais san sgìre airgead a bharrachd a chosg, seach a bhith a' cur cìs orra.

Bha Comataidh na Turusachd ann am Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail fianais Diardaoin air cìs turusachd.

Tha feadhainn an dùil gun deanadh e feum a thaobh ghoireasan do luchd-turais is eile a leasachadh.

Ach thuirt Ailean MacCoinnich, a bha fad ùine mhòr an sàs ann an turasachd anns na h-eileanan, gum biodh e na b' fhearr tuilleadh chothroman thoirt do dhaoine an cuid airgid a chosg gu saor thoileach, seach cais a chur orra le cìs.

Thuirt e: "Tha mi smaoineachadh a-thaobh nan eilean co-dhiù gu bheil a' dol dh'adhbhrachadh connspaid am measg dhaoine.

"Tha duilgheadasan againn a-thaobh aiseagan 's mar sin, is na tha a' dol a-mach tro na meadhanan a' foillseachadh nach eil sinn ann an àite, 's dòcha, a mhiannachadh sinn a bhith.

"Tha e air aithneachadh gu bheil feum air ionmhas 'son cuideachadh le cuid de nithean a thoirt air adhart.

"Ach saoilidh mi aig a' cheart àm gu bheil e tòrr nas fheumaile dhuinn, mar eileanan, a chur air adhart meadhanan far an urrainn do dhaoine a bhith a' cosg an tuilleadh airgid."

Cumhachdan

Tha Comhairle Bhaile Dhùn Èideann gu mòr an sàs ann an iomairt airson cìs turasachd a chruthachadh,

Mhìnich ceannard an ùghdarrais, Adhamh McVey, do Chomataidh na Turasachd gum faodadh cìs de £1 air leabaidh gach oidhche timcheall air £11m a thogail dhan bhaile gach bliadhna.

Ach cha bhiodh cead aig comhairlean a leithid de chìs a chur an sàs as aonais chumhachdan bho mhinistearan an riaghaltais.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd airson siostam air choireigin a chur an sàs gus airgead a thogail.

Seirbheisean

Tha na h-ùghdarasan a tha taiceil dhan leithid ag ràdh gum faodadh an t-airgead a thèid a thogail a chosg air seirbheisean turasachd neo 'son seirbheisean ionadail a chuideachadh.

Chaidh innse dhan chomataidh gu bheil mu sia millean neach-turas a' tighinn dhan Ghàidhealtachd gach bliadhna, a' cur £1.2bn ris an eaconamaidh agus a' cur taic ri 20,000 obair.

Ach chaidh mìneachadh dhaibh cuideachd gu bheil na h-àireamhan sin a' cur cuideim air rathaidean, pàirceadh agus goireasan poblach.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach eil iad air tighinn gu co-dhùnadh mun chìs aig an ìre seo agus gum feumar dearbhadh gu bheil iarrtas ann airson a leithid, a bharrachd air a' chosgais a bhiodh na lùib.

Thuirt iad ge-tà, gum bu chòir smachd a thoirt dha na h-ùghdarrasan ionadail air a' chìs, nam biodh e air a stèidheachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo