Luchd-coiseachd a dhìth

Am Bràigh Riabhach Image copyright Geograph/Paul Taylor

Tha iomairt-teasargainn a' leantainn sa Mhonadh Ruadh agus dithis luchd-coiseachd air a bhith a dhìth tron oidhche.

Chuireadh fios air na seirbheisean-èiginn mu 6.15f Diardaoin agus an dithis air chall air a' Bhràigh Riabhach sa Mhonadh Ruadh.

Bha sgioba-teasargainn a' Mhonaidh Ruaidh a-muigh gan sireadh gu 3.00m le taic heileacoptair nam maor-cladaich, is droch shìde a' cur bacadh orra.

Ged nach deach lorg fhaighinn air an dithis, chaidh dithis eile a bha a' fulang leis an fhuachd a lorg.

Bidh sgiobaidhean-teasargainn agus heileacoptair nam maor-cladaich a' cuideachdach leis an iomairt a-rithist Dihaoine.