Demand
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Chan eil sgoiltean Gàidhlig san amharc aig CNES

13 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Plana Nàiseanta na Gàidhlig ag amas air ceithir sgoiltean ùra Gàidhlig anns an ath-cheithir bliadhna ach chaidh dearbhadh an-dè nach eil gin dhiubh sin ann an sgire Chomhairle na Gàidhealtachd neo Comhairle nan Eilean Siar.

Agus tha pàrantan a rinn strì airson Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh agus pàrantan a tha ag iomairt an-dràsta fhèin airson tè san Òban ag ràdh gu bheil cus uallaich air pàrantan sgoiltean ùra Gàidhlig a thoirt gu bith.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.