Farpais nan Croitearan Òga

Crodh

'S tric a chluinnear gu bheil feum air daoine òga ma tha croitearachd gu bhith buan.

A rèir Chaidreachas nan Croitearachd co-dhìu, tha dòchas gu leòr ann.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad air am misneachadh gu mòr leis na molaidhean a thàinig air adhart airson dà dhuais a bheir iad seachad an ath-mhìos.

'S iad sin Croitear Òg na Bliadhna is An Croitear Ùr As Fheàrr.

Bidh feadhainn a tha a' coimhead BBC ALBA eòlach gu leòr air fear de na molaidhean airson Croitear Òg na Bliadhna.

Air an Lot

'S ann à Nis a tha Dòmhnall MacSuain is e a-nise air a bhith ri obair croitearachd fad ghrunn bhliadhnaichean.

Chunnachas gu leòr den sin air BBC ALBA fhèin sa phrògram aige Air an Lot.

A' farpais na aghaidh, tha Beth Rose, a th' air a bhith ri croitearachd faisg air Beanntan a' Mhonaidh Liath airson seachd bliadhna.

Às dèidh dhi a bhith na nurs, tha Beth a-nise ag obair air a' chroit làn-ùine.

Tha i ag amas air leasachaidhean air an fhearann aice is plana ann cuideachd taigh-grùdaidh a stèidheachadh.

Cliù

Tha dùil ri farpais chruaidh cuideachd airson duais 'A' Chroiteir Ùir As Fheàrr'.

Chan eil ann ach dà bliadhna bho thòisich Sandra Baer is Lynn Cassels ri obair-croitearachd ann an Srath Spè.

Tha iad air adhartas mòr a dhèanamh bhon uairsin is iad air cliù a choisinn dhaibh fhèin gu h-ionadail.

Nan aghaidh tha Lucy Williams, aig a bheil croit aig Tulaich faisg air Drochaid a' Bhanna.

Tha Lucy air a bhith ag amas air leasachaidhean ùra cuideachd is gàrradh teatha am measg na th' aice air an fhearann.

Àrd-ìre

"Bha na britheamhan air an dòigh le ìre nan tagraidhean is an fhianais a chuir iad air adhart", thuirt Àrd-Stiùiriche Chaidreachas nan Croitearachd, Pàdraig Krause.

"Bheir na duaisean seo còmhla croitearan bho air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean is bidh sinn a' comharrachadh cho sònraichte 's a tha croitearachd agus na daoine òga a tha a' cur ris", thuirt e.

Thèid na duaisean a thoirt seachad aig Talla Ghrannd ann an Rathais air an 5mh den Dàmhair.

A bharrachd air na duaisean fhèin, bidh òraidean, bùthan-obrach is eile ann thairis air dà là.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh bhon Chaidreachas fhèin.