Cobhair air Beinn Nibheis

Dealbh a thog an luchd-cobhair. Image copyright MCA

Rinn luchd-teasairginn ann an heileacoptair cobhair air fear-coiseachd air Beinn Nibheis oidhche Chiadain.

Chaidh Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair is heileacoptair maor-cladaich Inbhir Nis an sàs is dragh air nochdadh nach robh an duine idir air uidheamachadh mar bu chòir airson oidhche air a' bheinn.

Thuirt an luchd-cobair gun robh cùisean gu math doirbh is i air fàs dorcha, is uisge, ceò is gaoth làidir ann.

Air a' cheann thall, chunnaic iad an duine air creag ann an Gil nan Còig Meòir is solas a' tighinn à fòn-làimhe a bh' aige.

'S iomadh tubaist mhairbhteach a bh' ann an Gil nan Còig Meòir roimhe.

Thàinig air an heileacoptair a dhol dhan ghil an comhair a chùil is chaidh aig na sgioba air an duine a thoirt air bòrd le ropa.

Cha deach an duine a ghoirteachadh idir.