Ceist mu phoileasaidhean glèidhteachais

Barraigh

Thuirt a' bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gu bheil coimhearsnachdan a' faireachdainn gu bheil iad "air an glasadh a-mach" à poileasaidhean glèidhteachais.

Rinn a' bhuidheann aithisg air na poileasaidhean a th' ann, mar a tha iad a' bualadh air coimhearsnachdan, is an cothrom a th' aig na coimhearsnachdan sin buaidh a thoirt air a' chùis.

Fhuair an aithisg gun robh coimhearsnachden den bheachd nach eil guth aca mar bu chòir sa ghnothach aig an ìre seo idir.

"A' phuing as motha agus as làidire a th' ann, 's e gu bheil coimhearsnachdan a' faireachdainn gu math air an glasadh a-mach às a' phròiseas", thuirt Calum Macleòid aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.

"Faodaidh tu coimhead air feadh na Gàidhealtachd. Tha e gu math doirbh do choimhearsnachdan an-dràsta ceangal a dhèanamh agus a bhith a' faighinn a' ghuth aca a bhith ann", thuirt e.

Ath-leasachadh

Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba ag ràdh gum feum sùil a thoirt air a' chùis às ùr.

Feumaidh guth làidir a bhith aig coimhearsnachd tron phròiseas bho thoiseach gu deireadh, tha iad ag ràdh.

Bu chòir dha poileasaidhean glèidhteachais a bhith stèidhichte air prionnsabalan leasachaidh mhaireannaich.

Dh'fheumadh cuideachd modal a bhith ann le cothromachadh eadar glèidhteachas is leasachadh.

Tha cruth atharrachadh a dhìth, a rèir na h-aithisg, sa chàirdeas eadar buidhnean poblach, ùghdarrasan ionadail, is coimhearsnachdan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile