Binn prìosain do fhear às an Òban

Cùirt an Òbain Image copyright Thomas Nugent / Geograph

Chaidh fear a bha na oifigeir poilis anns an Òban a chur dhan phrìosan airson ochd mìosan agus dealbhan de dhrabastachd chloinne aige.

Bha còrr is 60 iomhaigh aig Darryll Burnside, 50.

Bha Burnside, a bh' air a' phoileas fad 30 bliadhna, air aideachadh roimhe gun robh e ciontach.

Thuirt an siorraidh, Pàdraig Hughes, gun robh e mothachail gun robh Burnside air obair ionmhalta a dhèanamh fhad 's a bha air a' phoileas.

Thuirt e ge-tà, nach robh roghainn ann ach Burnside chur dhan phrìosan le cho dona sa bha cuid de na dealbhan a bh' aige.

Chaidh Burnside cuideachd a chur air clàr nan drabastairean.