Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Theresa May os cionn coinneamh a' Chaibineit an-dràsta a tha a' deasbad plana airson Brexit gun aonta. Thuirt Runaire Brexit, Dominic Raab, an-diugh mura bi aonta ann gu bheil Breatainn deiseil airson falbh gun sgillin de dh' airgead-dealachaidh a thoirt dhan Aonadh Eòrpach.

Brown

Thuirt an t-seann Phrìomh Mhinistear, Gòrdan Brown, gu bheil dragh air gu bheil an saoghal air an t-slighe gu èiginn ionmhais eile. Dh' innis Mgr Brown dhan BhBC gu bheil, na bheachdsan, laigse ann an co-obrachadh eadar-nàiseanta a' fàgail siostam ionmhais na cruinne a cheart cho cugallach sa bha e bho chionn 10 bliadhna.

Slàinte-inntinn

Tha Buidheann-Sgrùdaidh na h-Alba agus Coimisean nan Cunntasan ag ràdh gu bheil leasachadh mòr a dhìth air seirbheisean slàinte-inntinn chloinne. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil an siostam an-dràsta ag amas air dèiligeadh ri èiginn, seach èiginn a sheachnadh sa chiad àite. Dh' fhoillsich Riaghaltas na h-Alba £250m an t-seachdain seo chaidh airson seirbheisean slàinte-inntinn, le aire gu h-àraidh air òigridh.

Cìs Turasachd

Tha Fear-Gairm Chomhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban, am measg na tha a' toirt fianais do Chomataidh na Turasachd aig Holyrood an-diugh air planaichean airson cìs air luchd-turais. Chuir Comhairle nan Eilean Siar litir dhan chomataidh ag ràdh nach tàinig iadsan gu co-dhùnadh fhathast air am bu chòir cìs a stèidheachadh. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh ma thèid cìs thurasachd a stèidheachadh gur ann aig na h-ùghdarrasan ionadail a bu chòir smachd a bhith orra.

FTMG

Thuirt pàrantan a rinn strì airson Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, agus feadhainn a tha ag iarraidh sgoil Ghàidhlig san Òban, gu bheil cus uallaich air pàrantan sgoiltean ùra Gàidhlig a thoirt gu bith. Chaidh dearbhadh nach bi gin de na ceithir sgoiltean ùra air a bheil Plana Nàiseanta na Gàidhlig ag amas air an ath-cheithir bliadhna, air a' Ghàidhealtachd neo anns na h-Eileanan. Thuirt ceannard an fhoglaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Uilleam Dòmhnallach, nach eil pàrantan anns an h-Eileanan ag iarraidh sgoiltean Gàidhlig.

Maoim-slèibhe

Chaidh ath-sgrùdadh iarraidh air an dòigh 's a bheil Bear Alba, a tha a' sealltainn ris na prìomh rathaidean do Riaghaltas na h-Alba, a' cumail sùil air an A9 tuath air Inbhir Nis. Tha e coltach gur iad muinntir an àite a thug an aire do mhaoim-slèibhe chunnartach ri taobh an A9 beagan deas air Bun Illidh ann an Cataibh. Tha dragh san sgìre mu staid an rathaid, gu h-àraidh leis gu bheil barrachd bhoireannach à Cataibh agus Gallaibh aig a bheil dùil ri leanabh, a' siubhal air an A9 dhan ospadal ann an Inbhir Nis.

Iasgairean

Sgaoil còmhraidhean eadar iasgairean Bhreatainn agus na Frainge gun aonta an dèidh àimhreit mu iasgach a' chreachainn sa Chaolas Shasannaich. Tha e coltach gun do dhiùlt riochdairean Bhreatainn an t-airgead dìolaidh a tha an Fhraing deònach a thoirt dha na bàtaichean as lugha à Breatainn.