Cha deach maoim-sleibhe fhaicinn

Maoim-sleibhe Image copyright Matthew Reiss
Image caption Thachair am maoim-slèibhe faisg air an A9

Tha dragh air nochdadh nach deach mothachadh de mhaoim-slèibhe air an A9 tuath air Inbhir Nis fad grunn sheachdainean.

Thuirt comhairliche ann an Gallaibh, Mata Reiss, gun robh maoim-slèibhe chunnartach ann air oir rathaid an A9 bho chionn dà mhìos ach neach deach innse dhan bhuidhinn BEAR Alba ach bho chionn ghoirid.

Thuirt Mgr Reiss nach eil na sgrùdaidhean seachdaineaach a tha gan dèanamh math gu leòr gus dèanamh cinnteach gu bheil na rathaidean sàbhailte do dhaoine agus do charbadan.

Thuirt e cuideachd gun robhas fortanach nach robh a' mhaoim-slèibhe nas miosa na bha e.

Chaidh càineadh a dhèanamh air BEAR Alba, a bhios a' càradh an A9.

Thuirt a' chompanaidh nach robh an leithid idir a' tachairt tric agus nach robh an rathad idir air a mhilleadh.

''Doirbh fhaicinn''

Tha ìmpidh ga chur air Còmhdhail Alba coimhead ri dòighean-obrach na companaidh BEAR Alba air an rathad.

Thuirt BEAR Alba gun robh sgrùdadh seachdaineach ga dhèanamh air an rathad ach gun robh e doirbh maoimean-slèibhe dhen t-seòrsa sa fhaicinn uaireanan.

''Chaidh eòlaichean a chur a dh' ionnsaigh na maoim-slèibhe bige a bha deas air Bun Ilidh an spot sa thàinig fios thugainn ma na thachair.

''Cha deach cron a dhèanamh air an rathad agus chaidh siostam aona-sligheach a chur air dòigh gus am biodh daoine a tha a' siubhal air an rathad sàbhailte,'' thuirt neachd-labhairt bhon chompanaidh.

Thèid obair-càraidh a dhèanamh air an rathad san Dàmhair.