Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tòraidhean

Chuir buidheann de bhuill-phàrlamaid Tòraidh, a tha an aghaidh plana a' Phrìomhaire airson Brexit, moladh air adhart le fuasgladh, tha iad ag ràdh, air ceist na crìche ann an Èirinn. Tha Buidheann Rannsachaidh na h-Eòrpa ag ràdh gum faodadh an Rìoghachd Aonaichte falbh às a' mhargaidh shingilte agus aonadh nan cuspann gun chrìoch chruaidh ma dh'aontaicheas an Riaghaltas co-ionnanachd eadar riaghailtean Breatannach agus an EU air stuthan àiteachais.

Thuirt seann Rùnaire Èireann a Tuath, Owen Paterson, a tha na ball de Buidheann Rannsachaidh na h-Eòrpa, gum feumadh na riaghailtean cuspainn a th' ann fuireach airson a h-uile bathair eile ach àiteachas.

Brexit

Thuirt Ceann-suidhe an Aonaidh Eòrpaich, Jean-Claude Juncker, gun dèan an EU an dìcheall aonta Bhrexit a dhèanamh le Breatainn. Thuirt e, ann an òraid bhliadhnail an EU sa Phàrlamaid Eòrpaich ann an Strasbourg, gum feum riaghailtean stèidhichte a bhith ann ach gum fuirich Breatainn na deagh nàbaidh agus caraid dhan aonadh.

An Ruis

Thuirt an Ceann-suidhe Putin gur aithne dhan Ruis a-nise an dithis a tha Breatainn a' cur fo amharas mun ionnsaigh cheimigaich ann an Salisbury. Thuirt Mgr Putin nach eil gnothach aig an dithis sin ris an ionnsaigh sa Mhàirt am-bliadhna air an t-seann fhear-brathaidh Ruiseanach, Sergei Skripal, agus an nighean aige. Thuirt e gur e sìobhaltaich a th' annta agus gu bheil e an dòchas gun tig iad air adhart le dearbhadh air sin.

Rèile

Thuirt comataidh pàrlamaid gun robh coire gu ìre aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ris mar a thuit cùmhnant loidhne Rèile a' Chost an Ear, a' phrìomh loidhne eadar Dùn Èideann agus Lunnain, às a' chèile. Ghabh an Riaghaltas smachd air ais air na seirbheisean sin san Ògmhìos agus trioblaidean ionmhais aig Stagecoach agus Virgin. Thuirt Comataidh na Còmhdhail ann an Taigh nan Cumantan nach do rinn an Riaghaltas dearbhadh air dè cho seasmach 's bha tairgsean airson a' chùmhnaint. Thuirt Roinn na Còmhdhail gu bheil iad a' cur siostam tairgse ùr an sàs.

Mnathan-glùine

Tha Colaiste Rìoghail nam Mnathan-Glùine ag ràdh gu bheil cus reamhrachd agus aois bhoireannach aig a bheil duil ri leanabh a' cur tuilleadh cuideam air seirbheisean. An-uiridh airson a' chiad uair riamh bha còrr 's an dàrna leth de bhoireannaich an Alba aig an robh dùil ri leanabh nas reamhaire na bu chòir dhaibh. Agus tha e nas cumanta cuideachd do bhoireannnaich nas seana leanabh a bhith aca. Tha dragh cuideachd air a Cholaiste mun àireimh de dhreuchdan falamh san t-seirbheis, gu h-àraidh ann an ceann a tuath na h-Alba.

Feamainn

Togaidh am ball Uaineach, Iain Finnie, ceist ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh mun phlana airson buain feamad gu coimearsalta air cost an iar na h-Alba. Tha feadhainn air dragh a thogail mar-thà mu bhuaidh plana na companaidh Marine Biopolymers.