Cead airson taigh-dhealbh

Dealbh dhen taigh-dhealbh Image copyright Home Ltd
Image caption Dealbh dhen phlana airson taigh-dhealbh

Fhuair plana gus taigh-dhealbh a thogail ann an Cromba anns an Eilean Dubh cead bho chomhairlichean aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Ghabhadh an taigh-dhealbh eadar 30 is 35 duine.

Dheigheadh a thogail ann an gàrradh ann an ceann a tuath a' bhaile.

B' e Oighreachd Chrombaidh agus Comann Fiolm Ruigh Sholais a chur cead-dealbhachaidh a-steach airson na pròiseict.

Chaidh cead a thoirt seachad aig coinneimh de chomataidh dhealbhachaidh a' chinn a tuath.

Tha taigh-dhealbh beag eile anns an Eilean Dubh - anns a' Bhlàr Dhubh.

Dh'fhosgail e ann an 2017 agus tha e air a ruith le luchd-obrach saor-thoileach.