Am Baile Ùr is Lòbhat san Òban

Cupa na Camanachd

Meacsago no Mossfield? Chanadh gu leòr nach e taghadh ro dhuilich a tha sin.

Tha sgiobair Lòbhait, Lewis Tawse, nam measg.

Tha Lòbhat air ais sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd is bidh Tawse san Òban còmhla riutha Disathairne, seach air Mìos nam Pòg am Meacsago mar a bha e an dùil bho thùs.

'S math gu bheil a' bhean ùr, Zoe, tuigseach.

A' seasamh eadar Tawse is a charaidean is duais mhòr na camanachd tha Baile Ùr an t-Slèibh, direach mar a bha bho chionn bliadhna.

Obair-càraidh

'S e sgioba Bhàideanach a thàinig am bàrr an là sin.

Là car annasach is Pòl MacArtair, cho aithnichte ann am meadhan na pàirce, eadar na puist dhan Bhaile Ùr, is fear eile, Ruairidh Ceannadach, a bha air a bhith a dhìth orra dà mhìos is ceistean mòra mu dè cho fut 's a bha e, air ais san loidhne-dìon.

Bha am Baile Ùr airidh air a' chupa, gu dearbh cha do dh'innis 3-2 buileach stòiridh a' gheama, ach bha faireachdainn ann gum biodh Lòbhat a' coimhead air seo mar chothrom air leth, is cothrom caillte, air a' chùis a dhèanamh air a' Bhaile Ùr.

Ach tha e coltach gu bheil sgioba Chill Taraglain dòchasach gun urrainn dhaibh an gnothach a thionndadh am-bliadhna.

Tha Lòbhat ag ràdh gu bheil iad nas fut air feadh na sgioba, is gu bheil fortan is eachdraidh air an taobh aig Pàirce Mossfield cuideachd.

Image copyright Neil Paterson
Image caption Lewis Tawse is Andy Mac an Tòisich, is Seòras Friseal bho Tulloch Homes.

Bhuannaich iad Cupa na Camanachd dà thuras roimhe, ann an 1953 agus 2015, is an dà gheama sin Òban.

"Cha do thòisich sinn ceart an-uiridh is cha deach dad nar fàbhar sa chiad leth", thuirt Tawse.

"Tha sinn air ionnsachadh às a sin.

"Tha fios againn ma chluicheas sinn gu math gum buannaich sinn an cupa".

Ma tha sin a' dol a thachairt, bidh iad feumach air geamaichean mòra bho na prìomh chluicheadairean aca.

Rionnagan

Thuirt manaidsear Lòbhait, Friseal Gallacher, às dèidh a' chùis a dhèanamh air Ceann a' Ghiùthsaich san iar-chuairt dheireannaich, gu bheil an còmhnaidh cothrom aca le Stiùbhart Dòmhnallach eadar na puist is Greg MacMhathain a' cur nan tadhal aig ceann eile na pàirce.

Gu dearbh, 's e thuirt e ach gur e an Dòmhnallach am fear-glèidhidh a b' fheàrr a bh' ann a-riamh.

Faclan làidir, ach ma chluicheas an Dòmhnallach mar a chluich e sa chuairt dheireannaich ann an 2015, bidh dùbhlan aig Baile Ùr an t-Slèibh am ball a chur seachad air.

Agus dè mu dheidhinn a' Bhaile Ùir fhèin?

Bha beagan de choltas air sgioba PJ Mhic an Tòisich an-uiridh gur e nàdar de horo ghealladh mu dheireadh a bh' aca sa chuairt dheireannaich.

Thòisich iad 2018 leis a dhà de na ciad ceithir geamaichean lìge aca a chall, chaidh iad a-mach à Cupa MhicAmhlaidh is bha iad feumach air slaicean-peanais an aghaidh Ghleann Urchadain 'son fuireach ann an Cupa MhicThàbhais.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Lòbhat is Cupa na Camanachd an 2015.

Nuair a thuirt manaidsear Cheann Loch Seile, Johnston Gill, nas tràithe san t-seusan gun robh an sgioba as fheàrr san spòrs aige, cha robh mòran a' dol às àicheadh. Ach bha PJ.

Tha am Baile Ùr a-nise gun chall anns na 16 geamaichean mu dheireadh aca, gun fiù 's tadhal a leigeil a-steach anns na còig mu dheireadh.

Tha Cupa MhicThàbhais aca, tha iad 2 phuing air falbh bhon lìog a bhuannachadh air ais, is leis a' chùis a dhèanamh air Ceann Loch Seile ceithir tursan à ceithir san t-sreath seo, tha iad air an impireachd ùr a bha ag èirigh air a' chosta an iar a chur sìos, aig an ìre seo co-dhiù.

Thàinig a' bhuaidh mu dheireadh sin san lìog an t-seachdain seo chaidh aig prìs is Friseal Mac an Tòisich air a ghoirteachadh. Cha chluich e san Òban Disathairne.

"S e call mòr a th' ann an 'Worzel' ach tha sinn airson an cupa a bhuannachadh dha", thuirt sgiobair a' Bhaile Ùir, Andy Mac an Tòisich.

Tha deagh fhios aig Andy fhèin oir chaill esan a' chuairt dheireannach an-uiridh is air a ghoirteachadh.

"Aisling"

"Bhiodh e a' ciallachadh na h-uidhir dhomh seo a bhuannachadh. Seo an rud air am bi sinn ag aisling mar òigridh, a bhith nad sgiobair air Baile Ùr an t-Slèibh is a' togail Chupa na Camanachd.

"Tha sinn misneachail", thuirt e.

Trì ann an sreath ann an Cupa na Camanachd dhan Bhaile Ùr ma-thà, no barrachd eachdraidh dha Lòbhat aig Mossfield is caman airgid dha Lewis Tawse mus dèan e air Meacsago?

Gheibh sinn a-mach Disathairne.

Cluinnear an geama beò air BBC Radio nan Gàidheal, am prògram a' tòiseachadh aig 1.33f.

Bidh sùil air adhart air Spòrs na Seachdain sa mhadainn ach 9.03m, is mura h-eil sin uile gu leòr, prògram sònraichte aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill air eachdraidh Chomann na Camanachd bho 1.00f.

Chìthear an geama beò cuideachd air BBC 2 Scotland bho 1.45f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile