"Dòchas" mu Ralaidh Mhuile

Càr

Thuirt an fheadhainn a tha a' cur air dòigh Ralaidh Mhuile gu bheil e fìor chudromach gum bi an tachartas ann a-rithist an ath-bhliadhna.

Bidh 2019 a' comharrachadh 50 bliadhna bho thòisich Ralaidh Mhuile.

Chaidh an ralaidh a chur dheth ann an 2017 is 2018.

Tha sinn ri linn crathadh air na riaghailtean a th' ann a thaobh slàinte is sàbhailteachd às dèidh thubaistean aig ralaidhean ann an Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Cha deach na laghan ùra a chur an sàs fhathast, is tha muinntir Ralaidh Mhuile ag ràdh nach urrainn dhaibh an fharpais a chur air adhart a-rithist gus an tachair sin.

Deiseil

"Tha sinn an dòchas gum bi e air ais an ath-bhliadhna ach tha e làmhan Riaghaltas na h-Alba", thuirt cathraiche Ralaidh Mhuile, Dòmhnall MacIlleDhuinn.

"Bidh Ralaidh Mhuile 50 bliadhna a dh'aois ann an 2019 is feumaidh an ralaidh a bhith ann.

"Tha sinne deiseil, chan eil a dhìth oirnn ach na ceadan", thuirt e.

Ged nach bi an ralaidh ann am-bliadhna, bidh nàdar de rèisean beaga ann am Muile air an ath-mhìos, mar a bh' ann an-uiridh, an àite an ralaidh cheart.

Tha an fheadhainn a tha air cùl Ralaidh Mhuile ag ràdh gum bi e a' toirt mu £1m a-steach dhan eaconomaidh ionadail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile