Dragh mu ghainnead de mhnathan-glùine

Leanabh Image copyright Science Photo Library

Chaidh draghan a thogail mu ghainnead de mhnathan-glùine ann an ceann a tuath na h-Alba.

'S iad Colaiste Rìoghail nam Mnathan-Glùine a thog an gnothach san aithisg bhliadhnail aca air seirbheisean màthaireil.

Tha iad ag ràdh gu bheil an àireamh de dhreuchdan a tha bàn air feadh na h-Alba air a dhol suas an ceathramh uimhir anns na còig bliadhna mu dheireadh.

Thuirt iad gu bheil cùisean gu sònraichte doirbh ann an sgìrean NHS na Gàidhealtachd, NHS nan Eilean Siar, is NHS Roinn a' Mhonaidh.

Thuirt Stiùiriche Colaiste Rìoghail nam Mnathan-Glùine an Alba, Màiri Ross-Davie, gu bheil aois an luchd-obrach san fharsaingeachd "na adhbhar dhragh", ach gu bheil dòchas ann le nursaichean ùra nas òige a' tighinn air adhart.

Dh'innis i gu bheil feum air oidhirp mhòr gus am bi mnathan-glùine airson a bhith ag obair ann an coimhearsneachdan air feadh na h-Alba.

Adhartas

Chuir i fàilte air cùrsa ùr a thòisicheas ann an Inbhir Nis ann an 2019.

'S ann do dhaoine a tha nan nursaichean mar-thà is a tha 'son a dhol nam mnathan-glùine a bhios an cùrsa.

Thog aithisg bhliadhnail Colaiste Rìoghail nam Mnathan-Glùine dragh cuideachd mu reamhrachd am measg nam ban.

Thuirt iad gun deach an àireamh de bhoireannaich throma a bha ro reamhar os cionn 50% 'son a' chiad turas an-uiridh, a' ruighinn 51%.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil còrr is an dàrna leth do phàistean a-nise gam breith do bhoireannaich a tha nas sinne na 30.

Tha na gnothaichean seo a' cur barrachd uallaich air an t-seirbheis, thuirt an colaiste.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iomairtean a' dol airson daoine a thàladh a bhith nam mnathan-glùine agus an t-uallach a th' ann a lùghdachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile