Ceist mu bhuain feamad air taobh siar na h-Alba sa phàrlamaid

Feamainn
Image caption Ma shoirbheachas leis an tagradh bho Marine Biopolymers, dh'fhaodhadh iad suas ri 33, 000 tunna de dh'fheamainn a bhuain gach bliadhna.

Chaidh ceist a thogail sa Phàrlamaid Albannaich Diciadain mu na planaichean airson feamainn a bhuain gu coimearsalta ann an sgìrean de thaobh siar na h-Alba.

Chaidh a' cheist a thogail leis a' bhall Uaineach, Iain Finnie.

Tha mòran air draghan a nochdadh mu na planaichean aig a' chompanaidh Marine Biopolymers, ged a tha iadsan ag ràdh gu bheil an leithid a dh' obair air a bhith a' dol air adhart ann an Nirribhidh gun trioblaid fad bhliadhnaichean.

Air eileanan a leithid Thiriodh, bidh feamainn a' nochdadh air cladaichean am pailteas aig àmannan sònraichte den bhliadhna.

Bidh croitearan fhathast a' cur feum air an fheamainn, ged nach eil iad ga buain chun na h-aon h-ìre sa b'àbhaist.

Ach tha Marine Biopolymers airson ceilp a bhuain gu coimeirsealta.

Draghan

Agus tha croiteran mar Lachaidh MacIlleDhuinn air draghan a thogail mu na planaichean:

"'S gasda leam rud beag de dh'fheamainn a chur air a' bhuntata - saoilidh mi gu bheil e a' cur blas math air

"Agus ma thoiseachas iad air buain feamad mun cuairt nan eilean - a h-uile eilean a th' ann gu coimeirsealta, tha mi smaointinn gun dèan e milleadh mòr air a' chuan", thuirt e.

Tha iasgairean cuideachd air draghan a thogail gum faodadh an obair seo cron a dhèanamh air stocan èisg.

Ach tha a' chompanaidh ag ràdh nach biodh buaidh nas miosa aig an obair acasan air cladaichean na sgìre na dh'fhaodaidh tighinn an cois stoirmean mòra a' gheamhraidh.

Beathaichean mara

Chan eil a h-uile duine ag aontachadh leis a' bheachd sin, ge-tà.

Tha an Dtr Josie Pegg na h-òraidiche aig Ionad Oilthigh Sparsholt agus tha ise ag ràdh nuair a bhios stoirm mhòr sa gheamhradh a' tachairt thèid am feamainn fhàgail air an tràigh agus tha e a' fuireach taobh a-staigh an t-siostaim.

"'S e an duilgheadas a th' ann nuair sa thathar ga buain, gu bheil thu a' toirt na feamad a-mach às an t-siostam.

"Nuair a tha an fheamainn agad tha i ag obrachadh ann an tòrr diofar dhòighean cudromach - mar làrach àraich do bheathaichean mara", thuirt i.

Ma shoirbheachas leis an tagradh bho Marine Biopolymers, dh'fhaodhadh iad suas ri 33, 000 tunna de dh'fheamainn a bhuain gach bliadhna.