Ferries
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Dàrna aiseag a dhìth air slighe Steòrnabhaigh"

11 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha e soilleir gu bheil bàt'-aiseig eile a dhìth air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul - agus thèid sin a mhìneachadh do Mhinistear na Còmhdhail nuair a thadhalas e air na h-eileanan a' dh'aithghearr.

Sin na bh'aig ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan ri ràdh, agus gnìomhachasan turasachd a' tomhais gun do chaill an sgìre suas ri £6m am bliadhna ri linn trioblaidean le na h-aiseagan.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.