Carbadan air am milleadh le teine

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu theine a rinn milleadh mòr air trì carbadan ann an Inbhir Nis.

Rinn an teine milleadh air dà chàr - Skoda Octavia agus Mitsubishi L200 - agus air motar-baidhseagal.

Thuirt na poilis gun deach fios a chur thuca mun teine ann an sgìre Chùirt Tannery dìreach ro 01:00 Dimàirt.

Cha deach duine a leòn agus chuir luchd-smàlaidh an teine às.

Chan eil fhios aig an ìre seo dè a dh'adhbharaich an teine.