Iarrtas 'son rannsachadh air lùghdachadh cùraim do fhear air a' Ghàidhealtachd

Ron Fraser
Image caption Tha Ron Friseal feumach air cùram a là is a dh'oidhche ri linn MS.

Tha Ball-pàrlamaid Gaidhealach air rannsachadh iarraidh san aithghearrachd às dèidh mar a chaidh an ìre de chùram san dachaigh a gheibh fear a tha ciorramach a lùghdachadh gu mòr.

Tha Ron Friseal à Inbhir Pheofharain a-nis a' fulung le trom-inntinn, agus tha an dotair aige a' coireachadh mar a tha an suidheachadh aige air atharrachadh.

Chan urrain do Ron Friseal a tha 61, na casan neo na gàirdeanan aige a ghluasad - tha e air a lùths a chall gu tur bho amhaich sìos.

Gu ruige seo, fad 18 bliadhna, bha e a' faighinn cùraim a latha sa dh'oidhche na dhachaigh ann an Inbhir Pheofharain ach chaidh sin a lùghdachadh gu mòr sa Cheitean.

Tha am Ball-pàrlamaid Albannach Ceit Fhorbeis ag ràdh gur e cùis-nàire a th 'ann agus tha i ag iarraidh rannsachadh san aithghearrachd mun chùis.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gur e cùis gu math toinnte a tha seo, ach gu bheil còmhraidhean a' leanntainn le teaghlach Mhgr Friseil mun chùram aige san ùine-fhada.