Rabhadh do dhràibhearan air a' chosta an iar

Iomairt Image copyright Poileas Alba

Thug Poilis san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse rabhadh ùr seachad mu cho cunnartach 's a tha cus astair air na rathaidean.

Bha iomairt sàbhailteachd aca air rathaidean na sgìre an t-seachdain seo chaidh.

Dh'innis iad gun deach casaidean a chur às leth 13 dràibhearan a thaobh a bhith a' dol ro luath.

Nam measg bha fireannach, 55, às dèidh mar a bha càr a' dol 70 msu ann an sòn 40 msu ann am Baile Mac Ara, is fireannach eile, 45, a thaobh chàir a bha a' dol 55 msu ann an sòn 30 msu san Ath-Leathann.

Chaidh an dà chùis sin a chur air adhart gu Neach Casaid a' Chrùin.

Taic

Chaidh peanasan a chur air na dràibhearan eile.

A bharrachd air sin, chaidh rabhaidhean a thoirt do dheichnear eile a thaobh astair, staid an càraichean, dràibheadh gun chùram is dràibheadh gun àrachas.

"'S e sàbhailteachd air na rathaidean an rud as motha a tha a' daoine a' togail leis na Poilis san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse", thuirt an Sàirdseant Bruce Crawford.

"Bidh barrachd iomairtean mar seo ann.

"Tha sinn cuideachd airson a bhith ag obair leis na coimhearsnachdan againn agus tha sinn ag iarraidh air buidhnean ionadail le draghan no comhairle fios a chur thugainn", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile