Ticeadan cuirm na h-Iolaire air an reic

Long-brisidh na h-Iolaire

Dh'fhalbh a h-uile ticead airson Cuirm-chuimhneachaidh Choimhearsnachd na h-Iolaire taobh a-staigh 20 mionaid.

Bidh a' chuirm ann an Ionad Spòrs Leòdhais air an 31mh den Dùbhlachd, 's i a' comharrachadh 100 bliadhna bho chaidh am bàta fodha.

Chaidh còrr is 200 duine a bh' air bòrd a bhàthadh nuair a chaidh am bàta air na creagan aig Biastan Huilm.

Roghainnean

Bidh ceòl is bardachd mar phàirt den chuirm-chuimneachaidh, am measg eile.

Bha na ticeadan rim faighinn bho mhadainn Diluain, is dh'innis Buidheann Obrach na h-Iolaire gun do dh'fhalbh a h-uile gin dhiubh ann am 20 mionaid.

"Mar a bha dùil againn, bha fèill mhòr air na ticeadan is tha sinn air ar dòigh leis an ùidh a th' aig daoine sa choimhearsnachd agus nas fhaide air falbh", thuirt cathraiche Buidheann Obrach an Iolaire, Tormod Dòmhnallach.

"Bha an t-iarrtas gu math nas motha na tha againn de thiceadan is tha sinn a' coimhead air na roghainnean a th' ann gus am faigh sinn nas urrainn dhuinn dhan chuirm air an oidhche", thuirt e.