Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconomaidh

Thàinig fàs aig an ìre as luaithe ann am faisg air bliadhna air eaconomaidh Bhreatainn anns na trì mìosan dhan Iuchar. Tha e coltach gun do chuir aimsir bhlàth an t-samhraidh agus Cupa Ball-Coise na Cruinne ri sin. Bha torradh GDP na dùthcha eadar an Giblean agus an t-Ògmhìos suas 0.6% air na tri mìosan ron sin.

Brexit

Thuirt fear a bha na mhinisteir airson Brexit gu bheil cho mòr ri 80 BP Tòraidh am beachd bhòtadh an aghaidh plana Theresa May airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Thuirt Steve Baker, a dh'fhàg a dhreuchd san Iuchair thairis air Brexit, gum bi sgaradh mòr sa phàrtaidh ma leanas am Prìomhaire oirre leis a' phlana a chaidh aontachadh aig Chequers. Thuirt Sràid Dhowning an-diugh gur e sin an aon phlana ciallach a th' ann.

Ionnsaigh

Tha dithis luchd-turais à Breatainn am measg sheachndar air an deach ionnsaigh a thoirt le sgithinn agus iad air an leòn ann am Paris. Chuir na poilis duine an greim. Tha e coltach gum boin esan do dh'Afganastan ach tha poilis na Frainge ag ràdh, aig an ìre seo, nach b' e ionnsaigh cheannairceach a bh' ann.

Siognail Fòn-Làimhe

Tha buidheann nan dràibhearan, an RAC, ag ràdh gu bheil còrr 's 1,500 mìle de rathaidean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan far nach gabh siognal fòn-làimhe faighinn. 'S i sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd as miosa ann am Breatainn le 910 mìle de rathad gun siognal. Agus tha an aithisg a' togail cuideachd air cho gann 's tha seirbheis 3G agus 4G air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

Sgoil ùr

Tha sgoil mhòr ùr ann an Dùn Phris dùinte an-diugh a-rithist an dèidh an treas turas a chaidh ceistean a thogail mu shlàinte agus sàbhailteachd. Chaidh Campas Coimhearsnachd an Iar Thuath a dhùnadh Dihaoine an dèidh do clàr tuiteam far bhalla agus bualadh ann an sgoilear. Thuirt Comhairle Dhùn Phris agus Ghall-Ghàidhealaibh nach fhosgail an sgoil a-rithist gus am bi dearbhadh neo-eisimeileach ann air sàbhailteachd. Thuirt meur ionadail aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, nach eil earbsa sam bith aig luchd-obrach na sgoile anns an togalach agus gu bheil dragh ann gun tèid fìor dhroch leòn a dhèanamh air cuideigin.