Am Baile Ùr ceum nas fhaisge

Caman

Ghabh Baile Ùr an t-Slèibh ceum mòr a dh'ionnsaigh Prìomh Lìog na h-Iomain a bhuannachadh air ais le buaidh an aghaidh Cheann Loch Seile.

Às dèidh dhaibh an seusan seo a thòiseachadh gu slaodach, tha am Baile Ùr air togail orra anns na mìosan mu dheireadh is bha iad air a' chùis a dhèanamh air Seile anns na trì geamaichean mu dheireadh eadar na sgiobaidhean.

Bha fios aig Ceann Loch Seile gum feumadh iad sin a thionndadh mun cuairt ma bha cothrom gu bhith aca air greim a chumail air an tiotal a bhuannaich iad an-uiridh.

Bha cùisean faisg aig an Eilean is bha uair a thìde air a cluich mus tàinig tadhal.

'S e Drew Dòmhnallach a fhuair an tadhal sin dhan Bhaile Ùr, is rinn iad cinnteach air na puingean anns na diogan mu dheireadh le buille-peanais bho Glenn Mac an Tòisich.

Tha am Baile Ùr ann an suidheachadh glè làidir a-nise is 2 phuing a dhìth bhon 2 gheama mu dheireadh gus an lìog a bhuannachadh.

Buille

Bha a' bhuil ann ge-tà is Friseal Mac an Tòisich air a ghoirteachadh is esan a-nise a-mach à cuairt dheireannach Chupa na Camanachd Disathairne seo tighinn.

Rinn Lòbhat deasachadh math 'son a' gheama sin le buaidh 7-2 air Cabair Fèidh.

Tha Lòbhat fhathast le cothrom air an lìog ma leigeas am Baile Ùr puingean seachad, is sin an suidheachadh aig Caol Bhòid cuideachd. Rinn iadsan a' chùis 4-0 air Camanachd an Òbain aig an deireadh-sheachdain.

Bha na Sgitheanaich feumach air na puingean bho Ghleann Urchadain ma bha dòchas idir gu bhith aca air fuireach sa Phrìomh Lìog is rinn iad sin le tadhal bho Ruairidh MacLeòid.

Tha sgioba an eilein fhathast 4 puingean air cùl Chabers ach le cothrom fhathast sreap gu sàbhailteachd.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog, rinn Ceann a' Ghiuthsaich a' chùis 5-2 air Loch Abar.

Bhuannaich Cill Mhàillidh an Lìog Nàiseanta le buaidh 3-2 an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Rèis

Tha an Gearasdan, Inbhir Aora is GMA fhèin fhathast uile a' strì airson an dàrna àite is geamaichean inntinneach san amharc anns na seachdainean ri tighinn.

Bha cupanan air an toirt seachad aig deas is tuath aig ìre junior aig an deireadh-sheachdain.

Thog Baile Ùr an t-Slèibh Cupa Shrath Èirinn le buaidh 4-0 an aghaidh a' Ghearasdain, is Lochside Rovers a' soirbheachadh 5-2 an aghaidh Chaoil Bhòid ann an Cupa Bullough.

Tha cùisean mar a bha iad aig mullach lìog nam ban.

Rinn na Sgitheanaich an gnothach 6-0 air Obar Dobhair, is Bàideanach an uairsin a' pronnadh Shrath Spè 12-0.

Coinnichidh na sgiobaidhean an ath-mhìos ann an geama a dh'innseas cò bhuannaicheas an tiotal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile