Dràma a' leantainn san Eilean Sgitheanach

Ball

Tha am blàr airson an tiotal san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse a' leantainn às dèidh Disathairne an heileacoptair san eilean.

Bha ceithir sgiobaidhean air a dhol a-steach dhan là mu dheireadh de sheusan na lìge is cothrom aca fhathast air an tiotal, is iad uile a' cluich an aghaidh a chèile.

'S iad Slèite is an Srath a' chiad sgioba a thuit a-mach às an rèis is Malaig a' soirbheachadh 4-3 nan aghaidh san Àth-Leathann.

Ghluais aire an uairsin air Caol Àcainn far an robh sgioba a' bhaile a' dol an aghaidh Juniors Phort Rìgh.

Nam biodh Juniors air buannachadh, bha an lìog aca.

Nam biodh na sgiobaidhean co-ionnan, bhiodh an tiotal a' dol a Mhalaig.

Air a' cheann thall ge-tà, rinn Caol Àcainn a' chùis an ìre mhath furasta, 4-1, gam fàgail co-ionnan aig a' mhullach le Malaig.

Leis nach eil an lìog a' cleachdadh thadhail gus sgaradh a dhèanamh eadar sgiobaidhean a tha co-ionnan 'son an tiotail, bidh geama dearbhaidh ann a-nise eadar Malaig is Caol Àcainn.

Thèid an geama sin air adhart Disathairne an 22mh den mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo