"Mearachdan" le planaichean nan taighean-beaga

Taighean-beaga

Dh'aidich Comhairle na Gàidhealtachd gun deach mearachdan a dhèanamh le planaichean airson suas ri 29 taighean-beaga poblach a dhùnadh anns an sgìre.

Bha a' Chomhairle an dòchas gun gabhadh na coimhearsnachdan iad fhèin uallach airson a bhith gan ruith.

Chaidh athchuinge le còrr air 20,000 ainm a thoirt seachad dhan Chomhairle Diardaoin ag iarraidh gun cuireadh iad às dhan na planaichean aca.

Dh'aontaich a' Chomhairle coimhead ri na planaichean a-rithist aig coinneimh anns an t-Samhain.

Thuirt an comhairliche airson ceann a tuath, taobh siar agus meadhan Chataibh, Kirsteen Currie, gu robh i an dòchas gum biodh fiosrachadh nas mionaidiche aca ron choinneimh sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo