Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Salisbury

Bheir Breatainn fianais do Chomhairle Thèarainteachd an UN an-diugh mu na barantasan a tha iad air sgoileadh airson dithis Ruiseanach a chuir an greim, 's iad fo amhrras airson na h-ionnsaigh puinnsein nearbha ann an Salisbury. Chaidh a' choinneamh iarraidh le Breatainn às dèidh do Theresa May a ràdh gun robh Alexander Petrov agus Ruslan Boshirov nan oifigearan ann an seirbhis brathaidh na Ruis. Tha Moscow a' dol às àicheadh gun robh gnothach sam bith aca ris an ionnsaigh sa Mhàirt.

Ofgem

Thuirt Ofgem gum faigh timcheall air 11m luchd-cleachdaidh buannachd bhon àrd phrìs ùr air prìsean cumhachd. Thuirt riaghaladair na cumhachd gun sàbhail daoine timcheall air £75 sa bhliadhna sa chumantas tro na tha iad a' moladh. Tha dùil gun tèid seo a chur an sàs aig deireadh na Dùbhlachd 's gum bi e ann an àite gu co-dhiù 2023.

Dòmhnall Trump

Dh'iarr an Ceann Suidhe Trump air an New York Times innse cò na h-oifigich aige a sgrìobh aithisg sa phàipear ag ràdh gun robh cuid sa riaghaltas ag obair gus bacadh a chur air rudan a dh'iarradh Mgr Trump a dhèanamh. Thuirt an neach, nach deach ainmeachadh, gun robh iad a' feuchainn ris an dùthaich a dhìon bho na beachdan as miosa aig Mgr Trump. Thuirt an Ceann Suidhe ge-tà, nach eil na th' anns an aithisg fìor.

Iasgairean

Dh'aontaich iasgairean Bhreatainn ri sguir a dh'iasgach chreachain ann am Bàgh an Seine chun na h-ath-mhìos. Chaidh an t-àonta a ruighinn às dèidh chòmhraidhean a chaidh a chumail ann an Lunnainn an-dè ann an oidhirp buaireadh a bharrachd eadar iasgairean Breatannach agus Frangach ann an Caolas Shasainn a sheachnadh. Thèid bruidhinn air airgead-dìolaidh do bhàtaichean nas lugha aig coinneimh ann am Paris a-màireach.

Taighean-beaga

Chuir còrr air 20,000 neach an ainm ri athchuinge ag iarraidh nach tèid comhairlichean air adhart le planaichean gus taighean-beaga poblach a dhùnadh air feadh Cheann a Tuath na Gàidhealtachd. Tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd 29 de na taighean-beaga a dhùnadh mura h-aontaich na coimhearsnachdan iad fhèin an gabhail thairis. Thuirt a' Chomhairle gum biodh seo a' ciallachadh gun sàbhaladh iad £340,000 sa bhliadhna.

Runrig

Tha ceannard an SNP aig Westminster, Iain Blackford, air gluasad a chur air adhart ann an Taigh nan Cumantan co-cheangailte ri Runrig. Chluich an còmhlan-ciùil a' chuirm mu dheireadh aca air a' mhìos seo chaidh agus tha an gluasad gam moladh airson a' Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a thoirt air feadh an t-saoghail.