Iomairt nan taighean-beaga

Taighean-beaga

Tha còrr is 20,000 duine air taic a chur ri iomairt an aghaidh thaighean-beaga poblach air a' Ghàidhealtachd a bhith air an dùnadh.

Tha barrachd thaighean-beaga poblach aig Comhairle na Gàidhealtachd na th' aig ùghdarras sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte.

Nas tràithe air an t-samhradh, chuir iad dàil air planaichean gus cha mhòr 30 taigh-beag air feadh na sgìre a dhùnadh, fhad 's a dhèanadh iad ath-sgrùdadh.

Thig sin gu ceann ceann aig deireadh an Dàmhair.

Adhartas

Am measg eile, tha a' Chomhairle air a bhith a' meòrachadh air dòighean gus taighean-beaga poblach a chur fo smachd choimhearsnachdan.

Às dèidh do dh'iomairt tòiseachadh gus na taighean beaga a ghlèidheadh, tha còrr is 20,000 air taic a chur ri athchuinge.

Thuirt an tè a thòisich an athchuinge, Mairead Meek à Ceann Loch Biorbhaidh, gun robh an iomairt air a bhith tòrr nas soirbheachaile na bha i riamh an dùil.

Thèid an athchuinge a thoirt seachad dhan Chomhairle Diardaoin.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad dòchasach gun tig adhartas às an ath-sgrùdadh aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile