Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt seann Riaghladair Bhanca Shasainn, am Morair King, gu bheil ullachaidhean Bhrexit an Riaghaltais air a bhith leipideach agus gu bheil sin air seasamh na Rìoghachd Aonaichte anns na còmhraidhean a lagachadh. Thug Mervyn King taic dhan iomairt gus an EU fhàgail tron referendum ach thug e rabhadh gur dòcha gum bi aig Breatainn ri riaghailtean Eòrpach a leantainn, gun buaidh sam bith aca orra. Thuirt neach-labhairt dhan Riaghaltas gu bheil a h-uile coltas ann gun tèid aig Breatainn ri aonta math a ruighinn leis an EU.

Bun-sgoil an Ath Leathann

Thuirt ceannard buidseit Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' feitheamh fios mu airgead bhon Riaghaltas mus bi cothrom aca adhartas a dhèanamh le nithean leithid piseach a thoirt air staid Bhun-sgoil an Ath Leathainn. Tha pàrantan air a bhith ag iomairt airson sgoil ùir, agus an tè a th'ann ann an droch staid. Thuirt an comhairliche Alasdair MacFhionghain nach robh an t-airgead aca airson togalaichean sgoile a leasachadh ann an grunn sgìrean. Chaidh e às àicheadh cuideachd nach robh a' Chomhairle a-riamh air maoineachadh iarraidh airson sgoil ùr san Ath Leathann, 's e ag ràdh gun deach innse dhaibh nach robh na h-iarrtasan a-rèir nan riaghailtean fom bheil na tagraidhean air am measadh.

Còignear an greim

Chaidh còignear a chur an greim 's iad fo amharas gu bheil iad nam buill de bhuidhean na fìor làimhe deise, National Action, a th'air a casg. Tha balach seachd bliadhna deug nam measg. Chaidh an cur an greim ann am Birmingham, Halifax ann an Yorkshire an Iar agus Nottingham.

Còmhraidhean iasgach chreachain

Thèid còmhraidhean a chumail ann an Lunainn an-diugh ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn sa bhuaireadh mu chòirichean iasgach chreachain ann an Caolas Shasainn. Tha seo a' tighinn as deidh strì fhoirneartach eadar bàtaichean Frangach agus Breatannach an t-seachdain sa chaidh anns an deach clachan agus bomaichean gas a thilgeil. Tha na Frangaich ag ràdh gu bheil iasgairean Breatannach a' dèanamh cron air a' ghrunnd aig àm nuair a tha na creachain fhathast ag àlachadh.

Teine

Chaidh ionad glanaidh chàraichean ann an Hamaltan na theine madainn an diugh. Chaidh criuthaichean smàlaidh a ghairm gu Sponge n Hoses air Sràid Muir aig leth uair an deidh a còig. Thug an teine buaidh air còmhdhail poblach san sgìre. Thathas a' tuigsinn nach robh duine anns an togalach nuair a thòisich an teine agus cha deach duine a ghoirteachadh.