"Dearbhadh a dhìth" air cìs turasachd

Drochaid an Eilein Sgitheanaich
Image caption Chaidh draghan a thogail roimhe mun uallach a tha àireamhan mòra de luchd-turais a' cur air bun-structar an Eilein Sgitheanaich

Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair 's Bhàideanaich, Ceit Fhoirbeis, gum feumar dearbhadh fhathast a bheil iarrtas dha-rìribh ann airson cìs a chur air luchd-turais.

Bha dùil gun tigeadh fios mun chìs ann am prògram reachdais an Riaghaltais Dimàirt, ach cha do thachair sin.

Thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil ceist ann fhathast an e rud a th' ann air an cuireadh daoine a tha an-sàs ann an turasachd fàilte.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil daoine ann an Alba ga h-iarraidh - agus gu h-àraidh na daoine a tha ag obair ann an turasachd - 's chan eil mi cinnteach an-dràsta gu bheil sin fìor".

Dh'fheumar cuideachd a dhèanamh cinnteach, thuirt i, gur iad na h-àiteachan as fheumaiche a gheibheadh an t-airgead a dheadh a thogail leis a' chìs.