Brexit is Poileasaidh Cànain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Brexit is Poileasaidh Cànain

4 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cruinnichidh sgoilearan aig Oilthigh Dhùn Èideann gus beachdachadh air buaidh Bhrexit air poileasaidh cànain anns an Rìoghachd Aonaichte.

'S e seo an treas bliadhna den cho-labhairt seo, a bhios ann am-bliadhna Diluain an 10mh den t-Sultuin.

Bidh an t-Ollamh Rob Dunbar bho Oilthigh Dhùn Èideann am measg na bhios a' bruidhinn.

Thuirt an t-Ollamh Dunbar gum bi iomadach ceist air an deasbad, is gu bheil iad an dòchas gum bi luchd-poileasaidh mothachail air na thig às.

Bhruidhinn Dòmhnall Angaidh Moireasdan ris.