Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Prògram reachdais

Foillsichidh Nicola Sturgeon prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba an-diugh airson na bliadhna a tha romhainn. Canaidh am Prìomh Mhinistear na h-òraid aig Holyrood feasgar gu bheil Alba fhathast misneachail agus le sùil air an t-saoghal a-muigh, 's i gu bhith a' toirt fiosrachaidh seachad mu dhusan bile ùr a tha an Riaghaltas airson cur tron Phàrlamaid. Tha ceannardan dùbhlanach ag ràdh ge-tà gu bheil an Riaghaltas sgìth agus gann de lùths.

TSB

Tha ceannard a' bhanca TSB, Pòl Pester, a' fàgail a dhreuchd. Tha seo air tighinn còig mìosan às dèidh trioblaidean mòra a bhith aca le siostaman coimpiutareachd, a bha a' ciallachadh gun robh duilgheadasan mòra aig luchd-cleachdaidh. Thuirt am banca gun robh am bòrd air aontachadh gun robh an t-àm ann dha Mgr Pester fàgail, às dèidh seachd bliadhna anns an dreuchd.

Am Pàrtaidh Làbarach

Coinnichidh buidheann riaghlaidh a' Phàrtaidh Làbaraich gus beachdachadh air am bu chòir gabhail gu tur ri mìneachadh eadar-nàiseanta air dè th' ann an gràin an aghaidh Iùdhach. Ged a chaidh gabhail ris a' mhìneachadh le Comataidh Gnìomh Nàiseanta nan Làbarach san Iuchar, chaidh cuid dhe na h-eisimpleirean de ghràin a tha na lùib fhàgail às. Bha dragh air feadhainn gun robh iad sin dualtach càineadh iomchaidh air stàit Israel a mhùchadh.

Sgoil an Ath-Leathainn

Thuirt ball-pàrlamaid Albannach an Eilein Sgitheanaich, Ceit Fhoirbeis, gun robh Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba mì-thoilichte nach deach maoineachadh iarraidh le Comhairle na Gàidhealtachd ma choinneimh sgoil an Àth-Leathainn. Bha Iain Swinney a' tadhal air an sgoil agus e san eilean an-dè. Tha pàrantan air a bhith a' togail dhraghan bho chionn greis mu staid na sgoile. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a ràdh ge-tà gu bheil iad a' cosg nas urrainn dhaibh air sgoiltean san sgìre.

Tubaist

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic tubaist air an A9 air Taobh Sear Rois an-dè anns an deach triùir a ghoirteachadh - oifigear poilis nam measg. Bha càr poilis air an t-slighe gu gairm èiginn nuair a bhuail e ann an carbad dubh Mazda. Chaidh am boireannach 's am fireannach anns a' chàr sin a thoirt dhan ospadal ann an Obar Dheathain 's iad air an droch ghoirteachadh, ged nach eilear den bheachd gu bheil iad an cunnart am beatha. Chaidh cùram a thoirt dhan oifigear poilis san ospadal ach chaidh a leigeil a-mach an-raoir.