Connspaid ùr mu sgoil an Àth-Leathainn

Bun-sgoil an Ath Leathainn

Chaidh fàgail air Comhairle na Gàidhealtachd nach eil iad air taic-airgid iarraidh airson leasachadh a dhèanamh air Bun-sgoil an Àth-Leathainn.

'S fhada bho nochd draghan mu staid na sgoile, is gearainean thairis air grunn bhliadhnaichean mu dhampachd am measg eile.

Tha gearan air a bhith ann gu bheil cho truagh 's a tha an togalach fiù 's a' toirt buaidh air slàinte sgoilearan.

Thadhail Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, air an sgoil Diluain còmhla ri BPA an Eilein Sgitheanaich, Ceit Fhorbeis.

Bha iad anns an eilean airson fosgladh oifigeil Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh.

Choinnich an dithis ri Comann Phàrantan Bun-sgoil an Àth-Leathainn.

Airgead

Thuirt Ceit Fhorbeis gu bheil e follaiseach nach eil stàid an togalaich math gu leòr, is thug i slaic air Comhairle na Gàidhealtachd.

"Tha sruthan eile aig Riaghaltas na h-Alba airson maoineachadh fhaighinn", thuirt Ceit Fhorbeis.

"Fhuair Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh airgead bho Mhaoin Bun-structar na Gàidhlig. Tha am maoineachadh sin fhathast ann.

"Tha maoineachadh ann am prògram Sgoiltean airson an Àm Ri Teachd, agus tha maoineachadh ann airson nan croileagan is sgoiltean-àraich ùra.

"Tha maoineachadh aig an Riaghaltas ach thuirt Mgr Swinney nach do dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd a-riamh airson airgid ùir airson sgoil ùire anns an Àth-Leathann", thuirt i.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh Mgr Swinney air cothrom a ghabhail air a thuras dhan Eilean Sgitheanach gus moladh mòr a dhèanamh air an obair a th' iad a' dèanamh airson suidheachadh na Gàidhlig a leasachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo