Seirbheisean aiseig troimhe-chèile

Hebrides

Tha atharrachaidhean a' leantainn Dimàirt le seirbheisean aiseig ChalMac dha na h-Eileanan an Iar.

Tha seo ann is trioblaid le siostam dealain an MV Hebrides, a bhios a' seòladh eadar Loch na Madadh, an Tairbeart agus Ùige.

Dh'fhàg sin gu bheil an Hebrides na tàmh an-dràsta.

Chaidh grunn sheòlaidhean a chur dheth, is tha an gnothach cuideachd air buaidh a thoirt air seirbheisean eile.

Gheibhear am fiosrachadh às ùra bho ChalMac an seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile