Tubaist rathaid air Taobh Sear Rois

Poilis

Chaidh dithis a ghoirteachadh gu dona ann an tubaist rathaid air Taobh Sear Rois Diluain.

Thachair an tubaist eadar càr poilis is càr eile air an A9 faisg air Caoldaraidh mu 3f.

Thathas a' tuigsinn gun robh na poilis a' freagairt gairm-èiginn aig an àm.

Chaidh boireannach agus fireannach a bha a' siubhal anns a' chàr eile, Mazda dubh, a thoirt le heileacoptair dhan ospadal ann an Obar Dheathain.

Cobhair

Tha iad air an droch ghoirteachadh ach tha e coltach nach eil iad ann an cunnart am beatha.

Chaidh cobhair a dhèanamh air oifigear poilis ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis ach tha e a-nise air faighinn dhachaidh.

Chaidh an A9 a dhùnadh eadar Inbhir Ghòrdain agus Caoldaraidh fhad 's a bha sgrùdadh ga dhèanamh le na poilis.

Thathas ag iarraidh air daoine a chunnaic dad fios a chur air na poilis, is draibhearan le dealbhan dashcam sin a thoirt seachad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile